Bàs Albannaich ann an St Lucia ga sgrùdadh
- Air fhoillseachadh

Tha na poilis a' sgrùdadh bàs Albannaich ann an tachartas gunna ann an St Lucia anns a' Charaibeach.
Tha dùil gur ann à Loch Abar a tha Donnie MacFhionghain a chaidh a mharbhadh ann an taigh-seinnse ann am baile-mòr Soufriere.
Chaidh fireannach eile à Breatainn a ghoirteachadh san tachartas Disathairne.
Thuirt Oifis nan Dùthchannan Cèin ann am brath gun robh iad a' cumail taic ri teaghlach aig fireannach Breatannach a dh'eug agus aig fireannach Breatannach a chaidh a leòn ann an St Lucia.
Thathas a' tuigsinn gun do ghluais Mgr MacFhionghain à St Lucia bho chionn beagan bhliadhnaichean, agus gun robh e na mhanaidsear aig an taigh-òsta Marcliffe ann an Obar Dheathain eadar 2007 agus 2009.
Sgaoil an taigh-òsta brath, 's iad ag ràdh cho duilich is a bha iad uile a bhith a' cluinntinn mu bhàs Mhgr MhicFhionghain.