Binn prìosain do thuathanach a bhris laghan bheathaichean

  • Air fhoillseachadh
CearcTùs an deilbh, Oifis a' Chrùin
Fo-thiotal an deilbh,
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gum b' fheudar dhan sgioba slàinte àrainneachd aca dèiligeadh ri suidheachadh air leth doirbh

Chaidh binn prìosain a thoirt do thuathanach a bhris laghan slàinte bheathaichean ann an ceann a tuath na Gàidhealtachd.

Thòisich oifigearan Comhairle na Gàidhealtachd agus bho Bhuidheann Slàinte Bheathaichean agus Lusan (APHA) rannsachadh ann an 2017 an dèidh mar a nochd draghan mu mhodhan-obrach aig Tuath Lochquoy ann an Gallaibh.

Fhuair an sgrùdadh aca gun deach grunn laghan slàinte bheathaichean agus bìdhe a bhriseadh agus chaidh aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.

Aig Cùirt an t-Siorraim an Inbhir Ùige air 1mh den Dùbhlachd chaidh Peadar Armitage, seann stiùiriche Caithness Eggs Earranta, fhaighinn ciontach gun do dh'adhbhraich e bàs 2,000 cearc le bhith a' fàilligeadh biadh agus bùrn gu leòr a thoirt dhaibh.

Chaidh binn prìosain dà bhliadhna agus trì mìosan air Mgr Armitage agus chaidh a chasg bho bhith a' cumail bheathaichean fad 15 bliadhna.

Thug an Siorram òrdugh do Kyle MacAoidh a bha uair ag obair air an tuathanas gum feum e 180 uairean a thìde de dh'obair gun phàigheadh a dhèanamh sa choimhearsnachd.

Tùs an deilbh, Oifis a' Chrùin
Fo-thiotal an deilbh,
Bha làr aon de na seadaichean air a chòmhdach le closaichean eòin a bha a' grodadh

Bha an dithis fhireannach air aideachadh roimhe gur iad a bu choireach gun do dh'fhuiling 2,000 cearc gun adhbhar leis nach tug iad biadh agus bùrn gu leòr dhaibh agus gur e seo a thug bàs dha na h-eòin.

Dh'aidich Mgr Armitage ri ceithir casaidean a bharrachd: nach do chum e an làrach glan agus ann an deagh òrdugh; nach do rinn e gu leòr airson smachd a chumail air biastagan; gun tug e uighean agus sligean uighean do mhucan; agus nach do rinn e gu leòr airson na cearcan a dhìon bho ghalaran, cron agus cràdh.

Dh'aidich Mgr MacAoidh ri aon chasaid eile nach tug e biadh agus uisge gu leòr do laogh agus gun do dh'adhbhraich sin gun do bhàsaich am beathach.

Tùs an deilbh, Oifis a' Chrùin
Fo-thiotal an deilbh,
Fhuaireadh uighean air an còmhdach le salachar iseanan agus rodain

Thuirt Ailean Yates, Prìomh Oifigear Slàinte na h-Àrainneachd aig Comhairle na Gàidhealtachd:

"Tha an t-seirbheis a' cur fàilte air na binn prìosain a tha a' dearbhadh cudromachd nan casaidean slàinte bheathaichean is bìdhe.

"Dh'fhàg cho salach agus a bha àrainneachd an tuathanais agus droch chùram nan cearc gun do dh'fhuiling na mìltean de dh'eòin agus gun do bhàsaich iad. Bha modhan obrach an tuathanais na chunnart mòr do shlàinte phoblach leis gun robh an tuathanas a' cumail uighean ri gnìomhachasan bho air feadh na Gàidhealtachd.

"B' e cùis thoinnte a bha seo a dh'fhàg làrach air na h-oifigearan a b' fheudar dèiligeadh ris."